FYI.

This story is over 5 years old.

The Natives Issue

Tha E Math A Bhith A'

Tha e math a bhith a' fuireach ann am Barraigh, gu h-àraid anns an t-samhradh. Bidh a' ghrian ris agus bidh a h-uile duine a' dol gu na tràighean àlainn, geala agus a' snàmh anns a' mhuir.
MF
Κείμενο Mairead F. MacNeil

Photo by Neil Thomson

Tha e math a bhith a’ fuireach ann am Barraigh, gu h-àraid anns an t-samhradh. Bidh a’ ghrian ris agus bidh a h-uile duine a’ dol gu na tràighean àlainn, geala agus a’ snàmh anns a’ mhuir.  Ged a bhios a’ ghrian ris agus ged a tha a’ ghainmheach blàth, tha a’ mhuir glè fhuar—ach cha bhith sin gar stad! Tha Barraigh trang anns an t-samhradh agus bidh sinn a’ faicinn tòrr shrainnsearan a’ tighinn a choimhead air an eilean agus a ghabhail pàirt anns a’ chultur againn: ’s urrainn dhaibh dannsa Gàidhealach fhaicinn, oràin Ghàidhlig a chluinntinn agus èisteachd ri ionnstramaidean Gàidhealach cuideachd. Bidh sinn a’ dol a-mach gu dannsaichean far am bi Balaich Bhatarsaigh a’ cluiche agus far am bi an t-ùrlar làn leis a h-uile duine a’ dannsa. Tha sinn glè chinnteach gu bheil an luchd turais air fad toilichte nuair a tha iad a’ gabhail pàirt ann cuideachd. ’S a’ gheamhradh, tha i fuar ach aig amannan tha i àlainn cuideachd. Bidh a’ mhuir cho ciùin agus an t-adhar cho liath  agus tha e math a dhol a-mach cuairt air latha mar seo. Tha i snog air an oidhche nuair a tha na rionnagan a-muigh agus ni thu mach barrachd rionnagan ann am Barraigh oir chan eil tòrr sholais ann mar a tha ann am bailtean mòra. Ach bidh an t-sìde glè robach cuideachd. Bidh i fiadhaich, bidh an t-uisge ann, bidh dealanaich is tàirneanaich ann agus uaireanan bidh sneachda againn. Bidh tuinn mhòra a’ bualadh air a’ chladach air an taobh an Iar. Uair neo dha sa’ bhliadhna, chan urrainn dhuinn a dhol dhan sgoil leis an droch shìde oir cha bhith dealan ann. Tha e ro chunnartach do na busaichean falbh leis cho làidir sa tha a’ ghaoth neo tha tuilleadh sa choir sneachda air na rathaidean. Nuair a bhios an t-sìde cho dona seo, chan urrainn don bhàt’-aiseig neo don itealan tighinn agus air sailleabh seo, cha bhith pàipearan nàidheachd neo biadh mar aran is bainne a’ tighinn. Cha bhith seo a’ dèanamh mòran dragh dhuinn oir tha sinn cho eòlach air. ’S urrainn do mhòran air an eilean Gàidhlig a bhruidhinn agus tha sinne a’ smaointinn gun e cànan feumail a th’ann—tha e math ma tha thu a’ bruidhinn air rud diomhair agus nach eil thu airson daoine eile do thuigsinn! Bidh sinne a’ bruidhinn Gàidhlig a h-uile latha còmhla ri ar pàrantan agus ar càirdean. MAIREAD F. MACNEIL